Ionad Ceartais Inbhir Nis ga thòiseachadh

Dealbh le neach-ealain Image copyright SCTS
Image caption Tha dùil gum bi an t-ionad ùr deiseil ro dheireadh na h-ath-bhliadhna

Thòisich obair gu h-oifigeil Diardaoin air Ionad Ceartais ùr Inbhir Nis.

Tha an t-ionad ga thogail air làrach eadar Rathad an Longman agus Rathad Bhurnett agus, nuair a bhios e deiseil, thèid Caisteal Inbhir Nis, far a bheil a' chùirt an-dràsta, a dhèanamh na àite do luchd-turais.

Thuirt Rùnaire a' Cheartais, Mìcheal MacMhathain, a chuir a' chiad spaid dhan talamh, gun toir an t-ionad ùr goireasan agus seirbheisean còmhla anns an aon àite agus gur ann a bhios sin gu maith na Gàidhealtachd.

Tha dùil gum bi an t-ionad ùr deiseil ro dheireadh 2019.

Tuilleadh air an sgeulachd seo