Ionmhas Chomhairlean Coimhearsnachd air a ghearradh

Tha comhairlean coimhearsnachd air feadh na Gàidhealtachd a' gearain mun dòigh sa bheil Comhairle na Gàidhealtachd a' gearradh an taic-airgid.

Tha feadhainn de na comhairlean coimhearsnachd a' call còrr is leth dhen taic a bha iad a' faighinn.

Nam measg tha Comhairle Choimhearsnachd Shlèite 'san Eilean Sgitheanach, a fhuair mìle not an-uiridh agus nach fhaigh am bliadhna, ach còig ceud not.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne, thuirt Cathraiche Comhairle Choimhearsnachd Shlèite, Ruairidh Moireach, gu bheil a' bhuidheann acasan diombach gun deach an t-airgid a ghearradh, ach gu bheil iad airson cumail orra, a' coiteachadh, agus a' togail cheistean mu fheumalachdan na sgìre.

"Bidh daoine a' call am misneachd mur a h-eil Comhairle na Gàidhealtachd deònach suim ceart a thoirt seachad son an obair saor-thoileach a tha iad a' dèanamh".

"Le cosgaisean pàipeir, clo-bhualadh agus an làrach-lìn, cha bhi sgillinn air fhàgail".

Thuirt Mgr Moireach gur e buidheann choiteachaidh a th' annta airson ceistean a thogail le Comhairle na Gàidhealtachd, seirbheis an uisge agus dealain agus Cal Mac agus gu bheil iad a' faighinn èisteachd bho na buidhnean sin agus a' toirt piseach air cùisean dhan choimhearsnachd.

Chuir Comhairle Choimhearsnachd Shlèite staran air dòigh ann an Armadal - rud a chosg beagan airgid, ach a rinn tòrr feum dhan sgìre, thuirt Mgr Moireach.

Tha grunn chomhairlean coimhearsnachd air a dhol à bith ann an sgìrean air feadh na Gàidhealtachd.