Uàrd cloinne dùinte air an oidhche

Ospadal an Dr Gray Image copyright Ann Harrison/Geograph

Dùinidh uàrd na cloinne tron oidhche aig Ospadal an Dr Gray ann an Eilginn bho Dhiluain.

Dh'innis NHS Roinn a' Mhonaidh an t-seachdain seo chaidh gum bithear a' dùnadh an uaìrd eadar 10:00f agus 08:00m airson sàbhailteachd nan euslainteach.

Chan eil fhios an tèid an uàrd fhosgladh tron oidhche a-rithist.

Thèid clann a-nis fhaicinn le dotairean-teaghlaich neo aig roinn tubaiste agus èiginn an ospadail.

Ma tha èiginn ann thèid fios a chur gu àrd-dhotair ann an àite eile.

Tha cuid aig a bheil clann a tha feumach air leigheas air a ràdh gun robh e cudromach dhaibh gum biodh iad a' dèiligeadh ri luchd-obrach a bha mion-eòlach air an cuid shuidheachaidhean.

Thuirt BPA na sgìre Riseard Lochhead gun deach innse dha-san le NHS Roinn a' Mhonaidh gu bheil iad a' dèanamh an dìchill luchd-obrach a thàladh chun na sgìre.