"Cothroman iasgaich" an lùib Bhrexit

Tràladh

Tha cothrom ann Brexit a chleachdadh gus gnìomhachas an iasgaich anns na h-Eileanan an Iar a neartachadh - is barrachd dhaoine a thàladh chun na sgìre.

Sin a rèir Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais.

Bha e a' bruidhinn aig co-labhairt iasgaich ann am Beinn nam Fadhla is e ag ràdh gu bheil coimhearsnachdan iasgaich air an taobh siar gu h-aona-guthach ag iarraidh atharrachaidhean sa ghnìomhachas.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil luchd-èisteachd an seo, tha a' mhòr-chuid aca a' faicinn cothrom mhòir air adhart airson gnìomhachas an iasgaich anns na coimhearsnachdan timcheall nan Eilean agus taobh an iar Alba," thuirt e.

Cuideaman-Ceadaichte

"Saoilidh mi gu bheil a' choimhearsnachd a tha sin gu h-aona-ghuthach gum feum rudeigin atharrachadh agus gu bheil cothroman ann airson leasachaidhean a dhèanamh agus a bhith cinnteach gum fuirich daoine agus gun tarraing sinn daoine dhan sgìre le leasachadh coltach agus maireannach a dhèanamh air a' ghnìomhchas agus do chuideaman ceadaichte a bharrachd a tha a' dol a thighinn thugainn.

"Tha fios againn gu bheil sinn a' dol a dh'fhaighinn smachd a-mach gu dusan mìle - tha fhios againn air sin - tha thu a' dol a' thighinn a-mach à Poileasaidh Coitcheann an Iasgaich, agus an uairsin eadar dusan agus 200 mìle, 's e Breatainn a' bhios a' riaghladh dè a tha a' dol a thachairt ann.

"Chan eil teagamh sam bith gum bi dùthchannan eile san Roinn Eòrpa - bidh iad a' tighinn a-nall a Bhreatainn agus a' faicinn dè gheibh iadsan a-mach às.

"Tha sin a' tachairt leis an Nirribhidh an-dràsta, agus feumaidh an Roinn Eòrpa a dhol a chòmhradh riuthasan.

"Taobh a-muigh dusan mìle bithidh eathraichean à àiteachan eile ann.

"Ach a' coimhead air na cuideaman-ceadaichte a th' againn an-dràsta, chan eil againn air a' mhòr-chuid de na cuideaman-ceadaichte air taobh an iar Alba eadar 12 agus 200 mìle, ach eadar 18% agus 30%.

"A h-uile rìoghachd eile a tha taobh a-muigh na Roinn Eòrpa, tha timcheall air 80% aca den chuideam-cheadaichte.

"Agus ma gheibh sinne suas dhan ìre a tha sin, bidh timcheall air 20% ann airson dùthchannan eile.

"Agus tha cothrom mòr ann dha Breatainn, agus gu h-àraid dha coimhearsnachdan mar sinne, leasasachadh a dhèanamh agus a bhith a' cinnteach gum biodh ceangal eaconamach aig a' chuota a tha sin ris na sgìrean," thuirt e.

Sgìrean Glèidhte

'S e fear de na gearainnean as motha a th' aig iasgairean, sgìrean glèidhte aig muir, agus tha Mgr MacAonghais a' faicinn gun gabh dèiligeadh ri sin le teicneòlas ùr.

"Tha sinne a' faicinn gu bheil teicneòlasan ùra ann, agus tha sinne air a chleachdadh anns na h-Eileanan an Iar," thuirt e.

"Tha sgìrean glèidhteachais gu mòr gu bhith a' tighinn nar lùib anns a' bhliadhna a tha romhainn, agus saoilidh mi gur e cothrom air chall a th' ann mura tèid anns a' chiad àite sùil a thoirt air teicneòlas a bhios air bòrd eathraichean, a dh'innseas càite a bheil eathraichean, a dh'innseas càite a bheil na nithean a tha iad airson glèidheadh, agus gheibh eatharaichean air cumail air falbh bhuapa leis na h-innealan a tha sin air bòrd.

"Tha e a' tachairt anns an Danmhairg, agus chan eil adhbhar sam bith nach tachradh e ann an Alba.

"Ma thachras sin, na sgìrean glèidhteachais a bhios a' tighinn romhainn, an rud a bhios air a dhùnadh dha iasgairean, gum biodh e gu math nas lugha na a' chiad fheadhainn a thàinig a-mach far an tuirt am ministear gun robh e air tòrr a bharrachd air na dh'fheumadh iad a thoirt a-steach, agus thug sin buaidh mhòr air coimhearsnachdan.

"Agus bhiodh e ceàrr dha Riaghaltas na h-Alba a dhol sìos an rathad sin agus teicneòlas ann airson sin a chur ceart," thuirt e.