Taraifean aluminium "gun bhuaidh" air factaraidh ùir

Aluninium ga ghiollachd sa Ghearasdan Image copyright Reuters
Image caption Tha aluminium air a bhith ga dhèanamh sa Ghearasdan o chionn iomadh bliadhna.

Cha bhi buaidh aig cìsean eadar-nàiseanta ùra sam bith air aluminium air na planaichean airson factaraidh chuibhlichean anns a' Ghearasdan, a rèir na companaidh air an cùlaibh.

Thug comhairlichean cead do na planaichean aig GFG Alliance bho chionn ghoirid, agus dùil gum bi na ceudan chosnaidhean ùra air an cruthachadh le leasachaidhean mun cuairt air leigheadar Loch Abair.

Tha draghan air a bhith ann gum bi cogadh malairt ann eadar an Roinn Eòrpa agus na Stàitean Aonaichte, 's gum bi cìsean air meatailt mar phàirt dheth sin.