Aiseag a bharrachd fon phrosbaig

MV Loch Seaforth Image copyright CMAL

Tha Riaghaltas na h-Alba a' coimhead ris na cosgaisean a bhiodh ann seirbheis aiseig a bharrachd a chur air slighe Steòrnabhaigh agus Ulapuil as t-Samhradh.

Sin a chaidh innse do riochdairean Chomhairle nan Eilean Siar a bh' aig Co-Chruinneachadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean Diluain.

"Fhuair sinn cothrom bruidhinn ri Humza Yousaf, Ministear nan Eilean agus na Còmhdhail," thuirt Fear-gairm na Comhairle, Tormod Dòmhnallach.

"Tha iad air a bhith a' dèanamh rannsachaidh, 's chaidh sin a mhìneachadh dhuinn, feuchainn ri bàta fhaighinn a-steach, agus tha iad a' coimhead an-dràsta fhèin ris na cosgaisean a tha an lùib sin.

"Agus tha mi a' smaoineachadh gur e an aon rud as urrainn dhuinne a ràdh, 's e gu bheil dùbhlan aca a thaobh nan cosgaisean a thathas a' toirt airson an t-seirbheis seo a lìbhrigeadh, agus tha sinn a' cumail a' dol leis na còmhraidhean a tha sin," thuirt e.