Cead do 100 taigh ùr an Crothaidh

Crothaidh
Image caption Tha a' chompanaidh leasachaidh Scotia Homes cuideachd an dùil bùth agus cafaidh a thogail air an làraich, an ear air Inbhir Nis.

Tha comhairlichean Gàidhealach air cead-dealbhachaidh a thoirt do phlanaichean 'son 100 taigh ùr a thogail ann an Crothaidh.

Tha a' chompanaidh leasachaidh Scotia Homes cuideachd an dùil bùth agus càfe a thogail air an làraich, an ear air Inbhir Nis.

Thog cuid de chomhairlichean draghan gum faodadh an t-àrdachadh ann an àireimh an t-sluaigh fàgail gum biodh an sgoil san sgìre a' cur thairis.

Aig an aon àm, thathar a' togail bhaile ùir aig Torr na Grèine far nach eil bun-sgoil stèidhichte fhathast nas motha.

Chaidh dragh a thogail cuideachd mu thuilleadh charbadan air a' B9091 agus an àireamh de thubaistean air an rathad sin.

Thug comhairlichean cead do na planaichean, ach chuir iad sreath de chùmhnantan na chois.