Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 Am Màrt 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Salisbury

Choinnich àrd-mhinistearan an Riaghaltais anns a' mhadainn a dheasbad dè nì iad mar dhìoghaltas air an Ruis an dèidh na h-ionnsaigh le puinnseann ann an Salisbury an t-seachdain seo chaidh. Tha dùil ri tuilleadh fiosrachaidh air a' chùis bho Theresa May ann an Taigh nan Cumantan an-diugh fhathast.

Brexit

Thuirt Theresa May gun dèanadh i a dìcheall cur às dhan eas-aonta mu chumhachdan tiomnaichte an dèidh Bhrexit agus i a' coinneachadh ri Prìomh Mhinistear na h-Alba Nicola Sturgeon, agus ri Prìomh Mhinistear na Cuimrigh Carwyn Jones aig Sràid Downing an-diugh. Thuirt Nicola Sturgeon nach eil dad de dhùil aicese ri aonta aig a' choinneimh an-diugh.

Stephen Hawking

Thuirt Oilthigh Chambridge gun do dh'fhàg an t-Oll. Stephen Hawking dìleab maireannach agus misneachd aig mòran. Chaochail am fear-saidheans ainmeil, a bha 76, an-raoir. Bha cliù eadar-nàiseanta aige airson a chuid rannsachaidh 's a bheachdan air a' Chruinne Cè, agus an leabhar ainmeil a sgrìobh e, A Brief History of Time.

Aois na h-Eucorra

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba bile fo nach gabh tuilleadh casaidean eucorra cur às leth leanaibh nas òige na 12 bliadhna de dh'aois. 'S e ochd aois na coire airson eucorra an Alba an-dràsta, agus deich ann am pàirtean eile den Rìoghachd Aonaichte. Thuirt ministearan gur ann air adhbharan dìon cloinne a tha iad a' dèanamh seo, ach gum bi iad fhathast a' dèiligeadh ri duine nas òige na 12 bhliadhna de dh'aois a bhios ri cron.

Grianaig

Tha poilis air sgìre mhòr de mheadhan baile Ghrianaig a dhùnadh 's e coltach gun deach corp fhaighinn an sin tràth sa mhadainn an-diugh. Tha an rannsachadh stèidhichte air sgìre mun cuairt air Sràid Dalrymple.

Morrisons

Rinn Morrisons, an ceathramh sreath bhùthainnean as motha ann am Breatainn prothaid de £374m, suas 11% airson na bliadhna. Thuirt a' chompanaidh gun do rinn iad adhartas math ann am margaidh anns a bheil farpais làidir.