Ùidh mhòr ann an taghadh an Urrais

Caisteal Leòdhais
Image caption Tha barrachd nan àbhaist a' seasamh airson taghadh an Urrais

Chaidh ùidh mhòr a nochdadh anns an taghadh airson buill ùr fhaighinn do dh'Urras Steòrnabhaigh, le 22 duine air an ainmean a chur air adhart.

Bidh còignear a' fàgail an Urrais 's an teirm aca air tighinn gu ceann.

Chan àbhaist uidhir a bhith a' seasamh airson àite air an Urras, agus tha an Siamarlan, Iain MacÌomhair, dòchasach gum faicear àrdachadh cuideachd anns an àireamh dhaoine a bhòtas anns an taghadh.

"Tha iomadach coimhearsnachd a bhiodh glè thoilichte nam biodh an cothrom sin aca agus bhiodh e tàmailteach mura gabhadh daoine brath air".

"Tha measgachadh de dhaoine ann agus bhithinn an dòchas gum faiceadh a' mhòr-chuid dhan na bhiodh air an Urras am feum a th' ann gun cuir iad a' bhòt aca air ais - agus gu bheil measgachadh ann bhon urrainn dhaibh daoine a thaghadh".

Thèid bileagan bhòtaidh, agus fiosrachadh mu na tagraichean, a chur a-mach gu muinntir na h-oighreachd aig an deireadh sheachdain seo.

Thèid na bhòtaichean a chunntadh air an 27mh là den mhìos.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile