Comhairle laghail mu thaighean Chùil Lodair

Viewhill
Image caption Cho-dhùin Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas 5 bhotaichean gu 3 gun rachadh na 16 taighean aig Viewhill air adhart.

Thuirt a' chompanaidh a tha a' feuchainn ri taighean a thogail air àrach bhlàr Chùil Lodair gu bheil iad a' sireadh comhairle laghail 's a' chùis gu bhith air a deasbad a-rithist.

Cho-dhùin comhairlichean na Gàidhealtachd Dimàirt gum faodar na taighean a thogail, ach thàinig e am bàrr gun do thagh cuid aca an roghainn cheàrr anns a' bhòt.

Cho-dhùin Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas 5 bhotaichean gu 3 gun rachadh na 16 taighean aig Viewhill air adhart.

Ach às dèidh làimh, dh'inns dithis aca gun do thagh iad an roghainn cheàrr anns a' bhot.

Fhuair an comhairliche Anndra Jarvie taic gu leòr bho bhuill às deidh dhasan iarraidh gun tèid a' chùis a dheasbad a-rithist.

Tha dùil gun tachair sin an ceann dà mhìos.

Chan eil a' chompanaidh, a tha airson na taighean seo a thogail air an dòigh ge-tà.

Ann am brath-naidheachd dh'innis fear-labhairt bho Kirkwood Homes gu bheil iad a' sireadh comhairle laghail air a' ghnothach.

Thuirt e gu bheil cead aca mar-thà bho Riaghaltas na h-Alba na taighean a thogail agus gur e amaideas a th' ann gun tèid a' chùis a dheasbad a-rithist aig Comhairle na Gàidhealtachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo