Bileagan draibhidh do luchd-turais

Rathad singilte
Image caption Tha Còmhdhail Alba air bileagan a sgaoileadh a' mìneacahdh nan riaghailtean 'son draibheadh air rathaidean singilte.

Thèid bileagan fiosrachaidh a sgaoileadh am measg luchd-turais a tha a' tadhal air ceann a tuath na Gàidhealtachd 'son sealltain dhaibh ciamar a bu chòir dràibheadh air rathaidean singilte.

Le barrachd is barrachd dhaoine a' tighinn gu tuath, gu h-àraidh air slighe an NC500, tha uallach air daoine anns na sgìrean far a bheil rathaidean singilte, mun dòigh anns am bi cuid de luchd-siubhail a' cleachdadh nan rathaidean.

Tha na beanntan, tràighean agus seallaidhean breàgha a' tàladh nam mìltean de luchd-turais gach bliadhna.

Agus le slighe North Coast 500 air a mhargaidheachd cho math, tha na h-àireamhan sin air a bhith a' dol an àirde.

Tha mòran a cur fàilte bhlàth orra, ach tha iad cuideachd ag iarraidh gum bi iad mothachail air na seòrsa rathaidean a th'ann.

Tha Claire Belshaw a' fuireach ann an Rubha an Stòir agus tha i ag ràdh gum faodadh na rathaidean a bhith nas duilghe tron t-seusan turasachd.

"'S e dùbhlan a th' ann aig amannan a' dol gu Loch Inbhir air an rathad, so feumaidh tu cìog mionaidean eile air fhàgail airson an turais agad.

"Tha an rathad gu math trang tron t-samhradh" thuirt i.

Image caption Tha am fiosrachadh mu ciamar a bu chòir àiteachan dol seachad a chleachdadh a' nochdadh ann an grunn chànanan.

Tha bùth aig Mairianna Simpson ann an Clach-tholl agus tha i mothachail air cho trang 'sa dh'fhaodadh na rathaidean anns an sgìre aice a bhith.

"Grunn thursan am-bliadhna, leis nach deach na h-àiteachan dol seachad, no passing places, a dhealbhachadh ach airson dà charbad, gheibh thu sreath fada de chàraichean de thrì neo ceithir càraichean.

"Agus ma choinneachas tu ri trì neo ceithir eile a' tighinn gad ionnsaigh bhon taobh eile, chan eil àite ann far an tèid aca air a dhol agus dh'fhaodadh e grunn thrioblaidean adhbhrachadh".

Tha Còmhdhail Alba air bileagan a sgaoileadh a' mìneacahdh nan riaghailtean 'son draibheadh air rathaidean singilte.

Agus tha iad an dòchas gum brosnaich seo draibhearan a bhith nas mothachail, mus tig iad dhan sgìre.