Mì-chinnt mu obair càraidh uisge san Òban

An t-Òban Image copyright Getty Images

Thathar a' fàgail air Uisge na h-Alba gu bheil iad air cron a dhèanamh air gniomhachasan san Òban às dèidh mì-chinnt mu obair caraidh air siostam uisge a' bhaile.

B'fheudear do chuid a thaighean-bìdh is bùithtean dùnadh 'son mu thrì uairean a thìde nuair a fhuair iad fios gun deigheadh an t-uisge a chur dheth.

Ach fhuair feadhainn eile fiosrachadh eadar-dhealaichte.

Bha cuid de ghnothachasan anns an Òban, a leithid thaighean-bidh agus bhùithtean air fios fhaighinn gun rachadh an t-uisge a chur dheth rè uine fhad 's a bha Uisge na h-Alba a' càradh an t-siostaim.

Bha feadhainn de na gnothachasan sin air dùnadh ri linn an fhiosrachaidh.

Ach bha feadhainn eile air cluinntinn nach biodh ann ach lùghdachadh ann an neart an uisge.

Soillearachadh

Tha Uisge na h-Alba air aideachadh gun robh am fiosrachadh a chaidh a sgoileadh an toiseach air mì-chinnt adhbharachadh ach thuirt iad gun robh iad air an suidheachadh a shoillearachadh anns na meadhanan sòisealta.

Thuirt fear de chomhairlichean na sgìre, Ruairidh MacCuthais gum feum Uisge na h-Alba a bhith nas soilleire mu na planaichean aca.

Chuir e fàilte air an obair leasachaidh a tha iad a' deanamh air siostam uisge an Òbain.

Ach tha e cuideachd ag iarraidh orra sùil a thoirt air na h-amannan nuair a bhios an obair a' dol air adhart agus beachdachadh air an urrainn dhaibh sin a dhèanamh tron oidhche.