Mì-thoileachas mu uisge an Òbain

Chaidh fàgail air Uisge na h-Alba gun do rinn iad cron air gnothachasan anns an Òban le mì-chinnt mu obair air siostam uisge òil a' bhaile.

Dhùin grunn bhùithtean agus taighean-bìdhe airson mu thrì uairean de thìde Diciadain, às dèidh mar a chaidh innse dhaibh gun deadh an t-uisge aca a chur dheth rè ùine.

Ach chaidh innse do chuid eile nach biodh ach lùghdachadh ann am bruthadh an uisge fhad 's a bhiodh an obair a' dol.

Dh'aidich Uisge na h-Alba gur dòcha gun robh am fiosrachadh a thug iad seachad anns a' chiad dol a-mach mì-shoilleir, ach thuirt iad gun do cheartaich iad e tro na meadhanan-sòisealta.

Tha fear de chomhairlichean na sgìre, Ruaraidh MacCuthais, ag ràdh gur ann air an oidhche a bu chòir dhan chompanaidh obair dha leithid a dhèanamh anns an àm ri teachd, gus nach tig maill air muinntir an àite.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile