Cìsean parcaidh airson puirt-adhair

Cuiridh Puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) cìsean parcaidh an sàs as t-samhradh aig puirt-adhair Steòrnabhaigh, Sumburgh agus Kirkwall.

Cosgaidh e £3 airson parcadh suas ri 24 uairean a thìde.

Bidh e an-asgaidh airson uair a thìde do dhaoine a tha airson luchd-siubhail a leigeil às aig a' phort-adhair no a thogail.

Tha cìsean mu thràth aig dhà dhe na puirt-adhairt eile aig HIAL - Inbhir Nis agus Dùn Dè.

A dh'aindheoin sin, thuirt na Lib Deamaich gur e cìs air eileanaich a th' aig HIAL, a bhuineas do mhinistearan na h-Alba.

Thuirt HIAL ge-tà gun tèid an t-airgead a thogas iad leis na cìsean a chosg air a bhith a' leasachadh nam port-adhair.

Bha iad cuideachd ag radh gum faigh daoine a tha a' siubhal airson adhbharan meidigeach parcadh an-asgaidh.