Tobraichean ola air an stopadh

Clàran Beatrice Image copyright Repsol Sinopec Resources UK
Image caption Thèid clàran Beatrice a thoirt às a chèile agus ath-chuairteachadh

Chaidh naoi tobraichean a dhùnadh buileach mar phàirt de dhì-choimiseanadh raoin Beatrice ann an Linne Mhoireibh.

Thèid 34 eile a stopadh cuideachd mus bi an obair seachad.

Tha an raon mu 13 mìle far chosta Ghallaibh, agus tha plana ann airson tuath-ghaoithe mhòr a chur air pàirt dhe.

Mar phàirt dhen dì-choimiseanadh, thèid falbh le còig clàran agus càballan dealain.

Falbhaidh dà chrann-gaoithe a chaidh a chleachdadh airson deuchainnean cuideachd.

Dh'fhoillsich Repsol Sinopec Resources UK am planaichean dì-coimiseanaidh an-uiridh.

Thuirt a' chompanaidh gun d' fhuair iad air na naoi tobraichean a stopadh na bu luaithe na bha dùil.

Bidh an obair aig raon Beatrice a' dol gu 2029.