Taic do bhile Aonghais MhicNèill

Aonghas Brianan MacNèill BP
Image caption Tha taic thar-phàrtaidh aig a' bhile

Fhuair bile prìobhaideach a leigeadh le clann a tha nam fògarraich buill teaghlaich a thoirt a Bhreatainn còmhla riutha tron chiad ìre anns a' Phàrlamaid.

'S e ball nan Eilean Siar ann an Westminster, Aonghas Brianan MacNèill, a chuir air adhart am bile a chaidh a dheasbad ann an Taigh nan Cumantan Dihaoine.

Chaidh taic a chur ris, 129 bhòtaichean gu 42.

Thèid am bile a-nis gu ìre chomataidh.

Tha buidhnean carthannais leithid Oxfam agus a' Chrois Dhearg cuideachd air taic a chur ris.

Tha Mgr MacNèill an dùil gun cuidicheadh seo eadar 800 agus 1000 duine.