Coinneamh èiginn mu cinn chonnaidh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Coinneamh èiginn mu gainnead connaidh sna h-Eileanan

17 Am Màrt 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Choinnich comataidh dealbhachaidh eiginneach nan Eilean Siar Dihaoine agus eagal ann gun robh staing connaidh air fàire.

Bha còir aig soitheach à Inbhir Ghrainnse a dhol a-steach a Steòrnabhagh Diardaoin, ach bha neart na gaoithe a' ciallachadh gum b'fheudar dhi fuireach aig acair san Loch a Tuath.

Bha sin a' fàgail cuid de luchd-reic a' bhaile a' gearain nach fhada gus nach biodh peatrol is dìosal air fhàgail aca.