Dòchas do Chounty

Steafan Fearghasdan is Stiùbhart Kettlewell. Image copyright SNS
Image caption Steafan Fearghasdan is Stiùbhart Kettlewell an Inbhir Pheofharain Disathairne.

Thuirt co-mhanaidsear eadar-amail Ross County, Steafan Fearghasdan, gu bheil dòchas ann dhan sgioba às dèidh dhaibh crìochnachadh 2-2 ri Hamaltan Disathairne.

Bha County air thoiseach 1-0 aig lethach slighe le tadhal bho Jamie Lindsay ach fhreagair Accies le dà thadhal ann an trì mionaidean tràth san dàrna leth.

Ghlèidh Anndra Davies puing do Chounty le 14 mionaidean air fhàgail.

Tha seo a' fàgail Chounty fhathast aig bonn na lìge is iad trì puingean air cùlaibh Phartaig.

Thuirt Steafan Fearghasdan gun robh e fhèin is an co-mhanaidsear eile, Stiùbhart Kettlewell, riaraichte.

Spiorad

"Duine sam bith a bha a' coimhead a' gheama, chanadh iad gur e buidheann de chluicheadairean a bha sin a bha a' tarraing còmhla gus an geama a bhuannachadh", thuirt Fearghasdan.

"Son mu 85 mionaid, shaoil mi gun robh sinn fìor mhath ach bha còig mionaidean ann a chuir an geama bun os cionn.

"Bha e cho math gun do chùm sinn a' dol às dèidh sin is gun d'fhuair sinn tadhal is bha sinn a' feuchainn an uairsin ris a' gheama a bhuannachadh.

"'S e briseadh-dùil a bh' ann dha na balaich nach do bhuannaich iad ach bheir sinn na h-uimhir às a' gheama", thuirt e.

Bidh an ath-gheama aig County an aghaidh Celtic ann an Glaschu air an 31mh den Mhàirt.

Co-ionnan

Chrìochnaich Caley Thistle 1-1 an aghaidh Dundee United san Championship Disathairne.

Chuir Iain Vigurs ICT air thoiseach sa chiad leth aig Tannadice ach dh'fhàg Tòmas Mikkelsen an geama co-ionnan san dàrna leth.

Tha e eu-coltach a-nise gum faigh Inbhir Nis cothrom air àite play-off 'son tilleadh dhan Phrìomh Lìog.

Chan eil Dùn Bhreatainn, a tha san àite play-off aig bonn na lìge, a-nise ach ceithir puingean air cùlaibh ICT, is bidh Iain Robasdan ag amas air a' bheàrn sin a leudachadh anns na seachdainean ri tighinn.

Ron sin, coinnichidh an dà sgioba sa chuairt dheireannaich de Chupa Dùbhlan na h-Alba Didòmhnaich seo tighinn.