Mì-thoileachas mu chion a' bhuinn-leathainn

Tha Urras Taobh Siar na Hearadh mì-thoilichte nach eil iad air cothrom fhaighinn air bann-leathann luath aig an leasachadh aca aig pàirce Niseaboist.

Tha sia taighean, cethir ionadan gnìomhachais, ionad-coimhearsnachd agus taigh-bìdhe air an làraich aca, agus tha càball fibre a' dol seachad air starsaich Phàirce Niseaboist a' toirt bann-leathann luath chun nam bailtean mu chuairt.

Tha cathraiche Urras Taobh Siar na Hearadh, Murchadh MacAoidh, ag ràdh gu bheil e na bhacadh orra nach fhaigh iad fhèin cothrom air idir.

"Tha sinn a' feuchainn ri co-labhairtean 's buidhnean a thoirt ann an seo 's tha bainnsean ann 's far a bheil àite-bìdhe, tha daoine an-còmhnaidh a' faighneachd eil WiFi ann 's am faigh iad chun an eadar-lìn - 's ann mar sin a tha gnìomhachasan an-diugh a' faighinn a h-uile pìos fiosrachaidh".

"Tha sin cho cudromach an-diugh dha buidhnean obrach 's nach urrainn dhaibh a dhol air adhart gun sin a bhith aca".

Thuirt neach-labhairt bho Openreach gu bheil iad an dùil gum faigh pàirtean de sgìre Sgarasta bann-leathann fibre-optic nas fhaide den bhliadhna, mar phàirt den phròiseact airson bann-leathann fìor-luath.

Tha luchd-einsinnìridh an dràsta a' dèanamh sgrùdaidh air an àite, thuirt iad, agus, aon uair 's gum bi an obair sin deiseil, dh'fhaodadh gum bi bann-leathann nas luaithe aig an leasachadh aig Urras Taobh Siar na Hearadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile