"Bàs nàdarra" air iolaire bhuidhe

Dhearbh rannsachadh post-mortem gur e ionnsaigh le iolaire eile a mharbh iolaire bhuidhe a fhuaireas marbh ann am Barraigh an t-seachdain seo chaidh.

Chaidh fios a chur air na Poilis nuair a fhuaireas closach an eòin bho chionn seachdain.

A-nis tha na Poilis air co-dhùnadh nach robh càil amharasach mu bhàs na h-iolaire, ach tha iad air iarraidh air daoine a chì eòin-chreachaidh marbh, agus a tha amharasach mu na thug bàs dhaibh, fios a chur thuca.