Planaichean Chnoc Soilleir a-staigh

Ceòlas Image copyright Ceòlas
Image caption 'S iad a' bhuidheann Ceòlas a th' air cùl nam planaichean, an co-bhann ri Colaiste a' Chaisteil.

Chaidh planaichean mionaideach a chur a-steach airson an ionaid chulturail ùir ann an Uibhist a Deas.

Tha a' bhuidheann Ceòlas ag obair ann an compàirteachas le Colaiste Chaisteil Leòdhais airson an t-ionad a leasachadh aig Crois Dhalabroig.

Tha Cnoc Soilleir ag amas air seasamh Uibhist a Deas mar thè de thìrean daingeach na Gàidhlig a dhìon agus a bhrosnachadh.

Tha na planaichean a chaidh a-steach gu Comhairle nan Eilean Siar a' sealltainn togalaich èifeachdaich, ùr-nòsaich a dh'fhaodadh suas ri 40 cosnadh ùr a chruthachadh nuair a thèid a thogail.

Bidh seòmar-èisteachd sònraichte ann airson ciùil thraidiseanta, stiùidio le goireasan clàraidh, rumanan airson dannsa agus teagaisg agus teallach san t-seòmar inntrigidh.

Chaidh Cnoc Soilleir a dhealbhachadh mu thimcheall fheumalachdan phrògraman foghlaim Colaiste a' Chaisteil, ach cuiridh Ceòlas feum air air an fheasgar, na deiridhean-seachdaine agus air na làithean saora, 's àite sònraichte gu bhith ann airson tasglainn agus leabharlainn na buidhne.