Diomb air riochdairean iasgairean

Bàt-iasgaich

Coinnichidh Buill-Phàrlamaid Thòraidheach a tha a' riochdachadh choimhearsnachdan iasgaich ri Theresa May Dimàirt agus dragh orra mun ùine eadar-amail às dèidh do Bhreatainn an EU fhàgail.

Fon dreach aonta a chaidh fhoillseachadh Diluain, 's e an EU fhathast a stèidhicheadh cuotathan iasgaich airson dà bhliadhna às dèidh Bhrexit.

Rinn Caidreachas Iasgairean na h-Alba nach gabhadh iad idir ri sin, agus dh'iarr iad gealltanas sgrìobhte nach biodh gnothach aig an EU ris an iasgach aon uair 's gum fàg Breatainn a' bhuidheann.

Thuirt Sràid Dhowning gu bheil iad air gealltanasan fhaighinn a chuireas dìon air iasgairean Bhreatainn.

Ach tha BPA Nàiseantach nan Eilean Siar, Alasdair Allan, am measg na th' air càineadh a dhèanamh air a' phlana.

"Tha sinn an-còmhnaidh air a bhith ag ràdh gu bheil sinn ag iarraidh a bhith a' fuireach anns an Roinn Eòrpa, ach cuideachd tha sinn ag ràdh aig an aon àm gu bheil an CFP (Poileasaidh Coitcheann an Iasgaich) gu tur ceàrr, agus gu bheil feum ann airson an CFP a dhèanamh às ùr no a chur às dha," thuirt e.

"Ach an rud a tha ceàrr leis an t-suidheachadh far a bheil sinn a-nis, 's e sin, chan eil sinn dìreach anns an CFP, ach anns an CFP gun chothrom sam bith a bhith ag atharrachadh an CFP.

"Gun chothrom sam bith a bhith ag innse dhan Roinn Eòrpa dè tha sinn ag iarraidh, ach dìreach facal no dhà anns an rud a tha a' tighinn a-mach an-diugh mu dheidhinn conaltraidh.

"So tha sinn ann an suidheachadh nas laige na bha sinn ron seo," thuirt e.