Às an Tobar

Uibhist Image copyright Catherine Morgan/Geograph

Tha buidhneann chulturail agus luchd-ealain ann an Uibhist air tighinn còmhla airson fèis leabhraichean a dhealbhachadh a thèid a chumail as t-Fhoghar.

Bidh 'Às an Tobar' neo 'Wellsprings' dà-chànanach.

"'S e fèill leabhraichean do dh'Uibhist a bhios ann," thuirt oifigear conaltraidh Ceòlas Uibhist, Liam Crouse.

"Tha sinn an dùil gum bi sinn a' togail air an dà fhèill a bha a' dol an-uiridh, ann an 2017, bha Toradh a' dol, agus 's e fèill airson biadh agus sgrìobhadh a bha sin agus bha sin anns an Lùnastal.

Farpais

"Agus an uair sin bha fèill litreachais Ghàidhlig ann, Às an Tobar.

"Nise, tha na buidhnean a bha air cùl Toradh, tha iadsan airson rudeigin a dhèanamh a-rithist am-bliadhna - bha agus sinne aig Ceòlas.

"Mar sin tha sinn air an dà rud a tha sin a chur còmhla mar gum biodh.

"Bidh sin a' tachairt anns an t-Samhain," thuirt e.

Bidh an fhèill a' gabhail a-steach litreachais Bheurla a thuilleadh air litreachas sa Ghàidhlig.

"'S e an smuain a bh' againn, 's e airson fèill leabhraichean Gàidhlig a chur air bhonn an-uiridh, agus bidh sin fhathast a' tachairt, agus bidh pàirt mhòr aig an fhèill leabhraichean a tha seo am-bliadhna anns a' Ghàidhlig," thuirt Mgr Crouse.

"Ach bha sinn airson, mar gum biodh, an rud a leudachadh a-mach, so bithidh litreachas na Beurla ga thoirt a-steach cuideachd.

"Bidh sin a' gabhail a-steach sgrìobhadairean agus ùghdaran ionadail cuideachd a tha a' sgrìobhadh anns a' Bheurla, agus cuideachd daoine eile a thoirt a-steach," thuirt e.

Tha cuideachd farpais sgrìobhaidh gu bhith mar phàirt den fhèill.

"Tha sinn ag iarraidh sgrìobhadh a bhrosnachadh, agus bidh sgrìobhadh anns a' Bheurla agus anns a' Ghàidhlig ann, agus bidh sin am measg na cloinne, agus cuideachd am measg nan inbheach a tha a' fuireach anns an eilean, no aig a bheil ceangal ris an eilean," thuirt Mgr Crouse.

"Chan eil sinn buileach mar gum biodh air co-dhùnadh a dhèanamh dè seòrsa rud a bhios ann, ach aig an ìre seo tha sinn a' smaointinn a thaobh bàrdachd is rosg co-dhiù.

"Dìreach bho chionn seachdain no dhà, bha a' chiad choinneamh againn, agus 's e an dàrna coinneamh a bhios againn, 's ann air an 12na là den Ghiblean, aig Cothrom, agus ma tha duine sam bith airson pàirt a ghabhail ann, no rud sam bith a dhèanamh a tha co-cheangailte ris an fhèis, dìreach cuir fios thugainne, aig Ceòlas Uibhist, no Taigh Chearsabhagh, no Cothrom no duine sam bith a tha an sàs ann," thuirt e.