Bileagan bhòtaidh Urras Steòrnabhaigh a' dol a-mach

Caisteal Leòdhais

Thèid bileagan bhòtaidh a chur gu gach dachaigh ann an sgìre Urras Steòrnabhaigh Dimàirt, is ìmpidh ga cur air luchd-bhòtaidh an lìonadh 's an cur air ais cho luath 's a ghabhas.

Bha còir aca a dhol a-mach ron seo, ach chuir uiread de dhaoine iad fhèin air adhart mar thagraichean 's gun deach dàil air a' phròiseas.

Tha 22 thagraiche a' seasamh airson còig àiteachan air an Urras.

"Tha sinn an dòchas gum bi na bileagan bhòtaidh a' fàgail Lunnainn an-diugh, agus gum bi iad anns na dachaighean a-màireach no Diardaoin aig a' char as fhaide," thuirt Siamarlan an urrais, Iain MacÌomhair.

Còignear

"'S e a' chomhairle a bheireadh sinn dha daoine nuair a gheibh iad iad, an leughadh, agus tha mi an dòchas gun cuir a h-uile duine - mar as motha an àireamh a thig air ais 's ann as fheàrr - gun cuir iad na bhòtaichean aca dhan chèis a bhios anns an fhiosrachadh a thig, agus air ais gu Lunnainn ro Dhisathairne.

"Bidh iad air an cunntadh ann an Lunnainn mar a tha iad a' ruighinn, agus 's e meadhan là Dimàirt aig a' char as fhaide a dh'fheumas na bhòtaichean a bhith shìos airson an cunntadh.

"Duine sam bith a tha a' smaoineachadh nach urrainn dhaibh an cur air falbh ro Dhisathairne, tha cothrom aca a thighinn gu oifis an Urrais Dimàirt.

"Bidh an oifis fosgailte bho 08:00m gu 8:00f, agus na cèisean nach do chuir iad air falbh, cha bhi aca ach an cur dhan bhucas a bhios a' feitheamh riutha anns an oifis.

"Mar as motha a dh'fhalbhas air a' phost, tha mi an dòchas gur ann as luaithe a bhios sinn a' cunntadh oidhche Mhàirt, agus mar sin gun urrainn dhuinn fiosrachadh a thoirt seachad air cò a shoirbhicheas anns a' bhòt nas tràithe.

"A rèir lagh an Urrais, agus nan cùmhnantan a dh'fheumas sinn leantainn, tha còignear a' seasamh sìos an-dràsta, agus mar sin tha sin a' fàgail còig àiteachan a dh'fheumas a bhith air an lìonadh.

"Nise faodaidh duine àireamh sam bith, bho aon gu còig a chur air a' phàipear bhòtaidh aca.

"Ach ma chuireas iad sia, no càil a bharrachd air, cha tèid am pàipear sin a chunntadh.

"Nuair a thèid a h-uile càil a tha sin a chunntadh an-àirde, bidh fios againn cò an còignear a-mach às an 22 a bhios a' dol air adhart airson a bhith air an Urras airson nan sia bliadhna a tha romhainn," thuirt e.