Tuilleadh bìdh ga fhàs an Uibhist

Gàirnealaireachd

Tha Tagsa Uibhist a' toirt leudachadh air a' phròiseact fàis aca is iad air taic-airgid de chòrr air £200,000 fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba.

Tha am pròiseact, a tha ag amas air daoine a chuideachadh barrachd den bhiadh aca fhèin fhàs, a-nis gus a dhol a-steach dha na sgoiltean.

Is thathas cuideachd ag amas air biadh fhàs airson Banca Bìdhe ùir ann an Uibhist agus Barraigh.

"Bha sinn air a bhith fortannach gu bheil sinn air a bhith a' faighinn airgid bho Mhaoin Dùbhlain na h-Aimsire bho chionn bhliadhnaichean a-niste," thuirt Manaidsear Seirbheisean Coimhearsnachd Tagsa Uibhist, Murdina Naylor.

Polycrub

"Agus am-bliadhna tha sinn ga fhaighinn airson dà bhliadhna, so tha sinn uabhasach fhèin fortannach mu dheidhinn sin.

"Tha sinn a' dol a chumail air adhart far a bheil sinn, ach an trup seo tha sinn a' dol a bhith ag obair còmhla ris na sgoiltean.

"Tha sinn fortannach gu bheil Sgoil Lionacleit a' dol a bhith ag obair còmhla rinn air a' phròiseact a tha seo.

"Tha sinn a' dol a chur suas polycrub - 's e seòrsa de pholytunnel a th' ann, ach tha an còmhdach air nas làidire airson nan eilean a tha seo.

"Agus cuideachd tha sinn a' dol a chur compostair aig an sgoil.

"Niste, bidh an compostair ann airson am biadh a tha an sgoil a' caitheamh a-mach, gum faod sinn a chur dhan chompostair a tha seo agus an uair sin ga ùsaigeadh anns a' pholycrub airson rudan fhàs.

"Tha triùir a' dol a bhith ag obair againn air a' phròiseact. Tha aon duine na cheannard air a' phròiseact, agus tha dithis a' dol a bhith ag obair nan gàirnealairean ann.

"Bidh gàirnealair aig Sgoil Lìonacleit, agus cuideachd bidh gàirnealair eile againne aig Tagsa Uibhist far a bheil an gàrradh againne an seo.

"Tha sinn a' dol dha na sgoiltean beaga cuideachd, chan e dìreach Lìonacleit, agus cuideachd tha sinn a' dol a bhith a' cur suas ceithir eile de na polycrubs.

Leudachadh

"Anns na bliadhnaichean a th' air a dhol seachad tha sinn air ceithir mar thà a chur timcheall Uibhist.

"Agus am-bliadhna - eadar dà bhliadhna - bidh sinn a' cur a-mach ceithir eile.

"Na polycrubs a tha seo, 's ann airson nan teaghlaichean, no daoine dìreach anns a' choimhearsnachd fhèin, a tha ag iarraidh a bhith a' fàs biadh dhaibh fhèin.

"Tha sinn air a bhith ag obair còmhla ri Taigheadas Innse Gall mar thà, agus an làrach a th' againn shuas ann am Beàrnaraigh, 's ann ri taobh làrach aig Taigheadas Innse Gall, 's tha na teaghlaichean timcheall air sin ag ùsaigeadh seo, 's tha iad a' dol a-steach 's tha iad a' cur rudan airson biadh - uinneanan, 's currain, 's tomatothan, rudan mar sin.

"Na daoine a tha ag obair còmhla rinn air na polycrubs tha iad air a bhith uabhasach fhèin toilichte leis a h-uile càil a th' ann.

"Tha sinne a' toirt dhaibh taic ma tha ceistean aca 's ma tha trèanadh aca ri dhèanamh, nì sinn sin cuideachd.

"Agus cuideachd rud eile a tha sinn a' dol a dhèanamh am-bliadhna, tha sinn a' fosgladh banca bìdh ann an Uibhist 's ann am Barraigh.

"So cuideachd aig Tagsa fhèin, bidh sinn a' cur bìdh a bharrachd airson a' bhanca bhìdh.

"Tha sinn an dùil gur ann an ath-mhìos a bhios e fosgailte.

"An dràsta tha sinn dìreach a' faighinn bìdh a-steach, agus tha daoine sa choimhearsnachd air a bhith uabhasach fhèin math a' toirt dhuinn," thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile