Seirbheisean adhair gan leudachadh

Barraigh
Image caption Thig leudachadh air seirbheisean a Bharraigh

Bidh barrachd sheirbheisean adhair ann eadar Glaschu agus Barraigh 's Tiriodh as t-Samhradh.

Bidh 22 seirbheis a bharrachd ann - a' dol air ais 's air adhart - eadar Glaschu 's Tiriodh sa Chèitean agus toiseach na h-Ògmhìos.

Bidh cuideachd suas ri 40 seirbheis a bharrachd ann eadar Glaschu agus Barraigh eadar deireadh na h-Ògmhìos agus an Dàmhair.

Thuirt Ministear na Còmhdhail, Humza Yousaf, gur e conaltradh leis an dà choimhearsnachd a thug orra leudachadh a dhèanamh air na seirbheisean seo.

Bidh nas lugha àiteachan ri fhaighinn air plèanaichean sa Gheamhradh mu choinneimh an leudachaidh seo as t-Samhradh.

Thuirt Mgr Yousaf gum fàg seo gun gabh barrachd luchd-siubhail a ghiùlan as t-Samhradh - aig an àm as trainge den bhliadhna - agus nach bi uimhir de dh'àiteachan falamh air na h-itealain tron bhliadhna.

Bheir Riaghaltas na h-Alba seachad maoineachadh de £18,000 mu choinneimh nan seirbheisean a bharrachd eadar Glaschu agus Barraigh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile