Fiosrachadh ga iarraidh bho HIE

Drochaid an Eilein Sgitheanaich

Iarraidh Comhairlichean Sgitheanach fiosrachadh bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean air na tha a' bhuidheann leasachaidh a' dèanamh san Eilean.

Tha dragh air a' Chomh. Iain Fionnlasdan nach eil cuideachadh gu leòr ga thoirt do chompanaidhean ionadail, agus nach eil an t-Eilean Sgitheanach a' nochdadh ann am plana-obrach trì bliadhna na buidhne.

"Tha e a' cur dragh orm gu bheil HIE ag amas air a bhith a' leasachadh phròiseactan mòra cosgail, an àite a bhith a' cur taic ri gnìomhachasan beaga mar a b' àbhaist dhaibh a bhith a' dèanamh," thuirt e.

"Leis nach deach ach glè bheag a chur dhan phrògram aca mu dheidhinn an eilein, an coimeas ris na tha gu bhith a' tachairt ann an cuid de sgìrean a' chosta an ear, saoilidh mi gum bu chòir dha barrachd airgid a bhith air a chosg an seo gus taic a chur ri cosnadh dhaoine, agus ri bun-structar nan eilean gu h-àraid," thuirt e.