Tagradh ùr airson Beàrnaraigh Mhòir

Beàrnaraigh Mhòr Image copyright Martin Creek/Geograph

Chaidh tagradh ùr a dhèanamh airson Beàrnaraigh Leòdhais a chur ann an làmhan na coimhearsnachd.

Ged a tha na còmhraidhean air a bith a' dol 'son ùine fhada, tha duilgheadas ann aonta fhaighinn a thaobh prìs.

Ach, thathas an dòchas gun gabh uachdarain Bheàrnaraigh ri tagradh ùr ro dheireadh na mìos.

Bha an t-eilean fad 50 bliadhna le Count Robin de la Lanne-Mirrlees.

Bhàsaich esan ann an 2012, agus chaidh an oighreachd fhàgail dha ogha dha, agus 's e athair-san, mac Count Robin, a tha an urra ris an oighreachd a-niste.

Tha na h-uachdarain air leigeil fhaicinn ron seo gu bheil iad deònach a reic ris a' choimhearsnachd.

Chùm Urras Leasachaidh Coimhearsnachd Bheàrnaraigh airson aonta fhaighinn air tagradh as ùr a chur dhan uachdaran, agus chaidh gu math leis a' choineimh.

Chaidh luach £70,000 a chur, gu neo-eisimeileach, air an oighreachd.

Ach tha na h-uachdarain fhèin den bheachd gun fhiach e tòrr a bharrachd na sin - 's dòcha mu £500,000.

"Thuige seo tha an luach ìosail a chiadh a chur air an oighreachd air a bhith na dhuilgheadas dhuinn," thuirt Calum MacAmhlaigh, a tha na bhall den Urras.

"'S e sin £70,000. Dha-rìribh, chan fhaiceadh sinne duine ga reic air a' phrìs sin, gun luaidh oirnn fhèin a bhith ga cheannach air a' phrìs a tha sin.

"Ach cha robh sùbailteachd sam bith againn ri linn an luach a bha sin.

"Tha airgead ri fhaighinn dhuinn an-dràsta, a leigeadh leinn barrachd a phàigheadh.

"Ach chan eil e ri fhaighinn ach treis.

"Ma dhiùltas an oighreachd an tairgse a chaidh a chur thuca ro dheireadh na mìos - agus feumaidh sinne an t-airgead sin a dhearbhadh ro dheireadh na mìos - dh'fhaodadh an tairgse tuiteam £30,000 san ùine sin.

"Tha sinn dìreach an dòchas gum faigh sinn freagairt luath," thuirt e.

Rinn na h-uachdarain oidhirp ron seo Beàrnaraigh Bheag - eilean ri taobh Bheàrnaraigh Mhòir air nach eil duine a' fuireach - a sgaradh bhon oighreachd agus a reic fa-leth.

Ach cha do shoirbhich leotha ri linn 's gu bheil an t-eilean sin fo lagh na croitearachd, agus gu bheil còirichean ionaltraidh aig croitearan na sgìre ann.

Ma thèid aonta a ruighinn air an oighreachd a reic, thèid tagradh an uair sin a dhèanamh ri Maoin Fearainn na h-Alba airson an t-airgead fhaighinn a leigeadh leis a' choimhearsnachd a cheannach.

"Chan eil dòchas agam gun gabh iad ris an tagradh, ach nuair a choimheadas tu ris a' chlò bheag air an tagradh a chuir sinn thuca, bhiodh iad gòrach gun a reic rinn," thuirt Mgr MacAmhlaigh.

"Tha e air a bhith gu math doirbh beachdachadh, leis a' chonaltradh againn ris an oighreachd, dè thachras.

"Chan eil beachd riamh air tighinn bhuapa dè seòrsa airgid a dh'iarradh iad airson na h-oighreachd, agus tha sin ga dhèanamh doirbh dhuinn tagradh a dhèanamh," thuirt e.