Rannsachadh air Gàidhlig an Steòrnabhagh

Steòrnabhagh

'S ann tro bhith a' brosnachadh luchd-obrach gu bhith a' bruidhinn na Gàidhlig a tha planaichean canain a' soirbheachadh as motha ann am baile Steòrnabhaigh.

Tha sin a-rèir an sgoilear Inge Birnie, a th' air rannsachadh a dhèanamh air cleachdadh a' chànain agus planaichean Gàidhlig anns a' bhaile.

Tha an rannsachadh a rinn i cuideachd a' sealltainn ge-tà nach eil diofar eadar ìrean cleachdaidh a' chànain san fharsaingeachd eadar àiteachan le plana Gàidhlig, no às aonais phlana, ged a tha mòran a bharrachd luchd-obrach ga bruidhinn far a bheil plana ann.

Thug an rannsachadh sùil air cleachdadh a' chànain ann an àiteachan poblach agus carson a bha daoine a' taghadh Beurla neo Gàidhlig nuiar a tha comas labhairt aca anns an dà chànan.

Taghadh

Thuirt Inge Birnie gu bheil a h-uile duine aig a bheil a' Ghàidhlig dà-chànanach, mar sin bha an sgrùdadh seo airson faighinn a-mach carson a bha daoine a' taghadh Gàidhlig neo Beurla - gu sònraichte ann an àiteachan poblach.

Bhathar cuideachd a' toirt sùil air an robh na planaichean cànain aig buidhnean oifigeil a' toirt buaidh air cleachdadh na Gàidhlig.

Tha tòrr bhuidhnean poblach air plana cànain a chur an sàs bhon a chaidh Achd na Gàidhlig a chur an gnìomh ann an 2005.

Ach thuirt Inge Birnie nach eil fios ann càite a bheil a' Ghàidhig ga cleachdadh, carson agus cò leis.

"Tha e gu math cudromach faicinn dè a' bhuaidh a bheir na planaichean cànain seo air cleachdadh cànain.

Seirbheisean

"Oir mura h-eil iad ag obair, a bheil dòighean eile ann 'son an cànan a bhrosnachadh an àite phlanaichean cànain neo an siostam a th' againn air an ìre seo".

A-rèir an rannsachaidh cha robh diofar ann mun ìre de Ghàidhlig anns na h-àiteachan as aonais plana-chànain an coimeas ris na h-àiteachan aig an robh plana.

Ach ann an àiteachan aig an robh plana-cànain bha luchd-obrach a' cleachdadh na Gàidhlig.

Anns na h-àiteachan far nach robh plana-cànain stèidhichte, cha robh daoine cho deònach a' Ghàidhlig a chleachdadh.

Thuirt Inge Birnie; "Ma bhios luchd-obrach a' chleachadh a' chànain, bidh buill a' phobaill a' cleachdadh a' chànain airson seirbheisean fhaighinn tron chànan.

"Mar sin, tha sin a' toirt buaidh air cleachdadh cànain ann an dòighean eile".