Òrdugh fad beatha air fear à Inbhir Nis

Chaidh òrdugh fad beatha agus binn prìosain a thoirt air fear à Inbhir Nis airson ionnsaighean drabasta a thoirt air cloinn a bha ann an sgoil nan dall 's e fhèin na bhalach-sgoile còmhla riutha.

Chaidh Daibhidh Penmen a dhìteadh anns an Àrd Chùirt ann an Dùn Èideann 'son na h-ionnsaighean a thoirt air ochdnar sgoilrean anns na 1980an.

Chualas anns a' chùirt gun robh Penman, a tha 43, air ionnsaighean drabasta a thoirt air nigheanan agus balaich agus air an èigneachadh nuair a bha e ann an Sgoil Rìoghail nan Dall ann an Dùn Èideann.

Chaidh fhaighinn ciontach air 11 casaidean de dh'èigneachadh, oidhirp èigneachaidh agus ionnsaighean drabasta,

Às dèidh dha a bhith air a dhìteadh, chaidh innse dhan chùirt gun deach binn 10 bliadhna sa phrìosan a thoirt air Penman ann an 2000 air casaidean èigneachaidh.

Bha e cuideachd fo òrdugh sgrùdaidh fad 8 bliadhna às dèidh dha a bhith air a shaoradh.

Ann an 2009, chaidh Penman fhaighinn ciontach 'son òrdugh eucoirean feiseil a bhriseadh.

Cho-dhùin am Morar Uibhist Diciadain gun robh an dol a-mach aig Penman a' ciallachadh gun robh e iomchaidh Òrdugh Smachdachaidh Fad Beatha a chur an sàs, agus gum feum e co-dhiù 4 bliadhna a chur seachad sa phrìosan.

Thuirt am breitheamh gun robh Penman, seòlta, meallta agus dualtach brath a ghabhail air daoine, a bharrachd air a bhith na dhuine olc is cunnartach.