Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 Am Màrt 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bochdainn

Tha millean duine an Alba beò ann am bochdainn, a rèir àireamhan oifigeil ùra. Tha sin a' ciallachadh gu bheil an teachd-a-steach aig 19% den t-sluagh fo 60% den teachd-a-steach chumanta.

Glaschu

Tha smàladairean a' dèiligeadh ri teine mòr ann am meadhan Ghlaschu. Chaidh an gairm gu Sràid Sauchiehall aig 08:20m an-diugh. Tha dùil gur e togalaichean mu choinneimh seann bhùth BHS a tha nan teine. Tha ochd carbadan aig an làraich.

Brexit

Coinnichidh am Prìomhaire, Theresa May, ri ceannardan an EU aig co-labhairt anns a' Bhruiseil an-diugh. Tha dùil gun tèid gabhail ri aonta eadar-amail Bhrexit. Tha an t-Aonadh Eòrpach ag iarraidh soilleireachaidh mu chrìoch na h-Èireann, agus Gibraltar.

An Ruis

Tha Consul Coitcheann na Ruis an Alba ag ràdh gum bu chòir do Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Boris Johnson, a dhreuchd a leigeil dheth. Tha seo a' tighinn às dèidh mar a shamhlaich Mgr Johnson Cuach na Cruinne anns an Ruis ris na Geamannan Oilimpigeach a bh' anns a' Ghearmailt ann an 1936 - geamannan a chleachd Hitler airson propaganda.

Ceadan-Siubhail

Thuirt a' chompanaidh Bhreatannach a tha a' dèanamh cheadan-siubhail na dùthcha gun do dh'fhailich orra cùmhnant fhaighinn airson an fheadhainn ùra ghuirm a thig a-steach an dèidh Bhrexit a dhèanamh. Chaidh innse do De La Rue, gun tèid an cùmhnant gu companaidh Fhraingich. Thuirt Riaghaltas Westminster nach eil am pròiseas seachad fhathast.

An Comh. Jim Dempster

Tha tuilleadh chasaidean air nochdadh an aghaidh comhairliche Làbaraich a thuirt rud a bha a' dèanamh dìmeas air Muslamaich nuair a bha e a' bruidhinn mu dheidhinn Rùnaire na Còmhdhail, Humza Yousaf. Tha Mgr Yousaf ag ràdh gun robh Jim Dempster ri gràin-cinnidh an aghaidh dithis eile airson ùine mhòir. Chaidh Mgr Dempster às àicheadh na casaid.

Comhairle Mhoireibh

Bidh comhairlichean à Moireibh a' dol a Holyrood an-diugh a dh'innse dha Rùnaire an Ionmhais, Derek MacAoidh, mu na duilgheadasan a th' aca le am buidseatan. Thuirt Mgr MacAoidh gu bheil e a' coimhead air adhart ri bruidhinn mu mar as urrainn do Riaghaltas na h-Alba agus comhairlean na dùthcha obrachadh còmhla nas fheàrr gus seirbheisean poblach a lìbhrigeadh ann an dòigh a tha seasmhach.