Rabhadh mu chùmhnant nan dotairean

Dotaireachd

Nochd rabhadh gum faodadh cùmhnant ùr nan dotairean teaghlaich droch bhuaidh a thoirt air an àireamh dhuibh a bhios anns na h-Eileanan an Iar anns an àm ri teachd.

Cho-dhùin Comann Meidigeach Bhreatainn an cùmhnant ùr a chur an sàs is sgrùdadh am measg dhotairean air sealltainn gun robh taic làidir ann air a shon.

Tha draghan air leantainn ge-tà, gu h-àraidh am measg dhotairean ann an sgìrean dùthchail, gum faodadh an cùmhant ùr droch bhuaidh a thoirt orra.

Thuirt aon eòlaiche air a' mhìos a chaidh gu bheil an cùmhnant a' dèanamh dìmeas air seirbheisean dotair air an dùthaich, agus dh'fhaodadh gum bi cuid de dh'ionadan gun dotair air a' cheann thall.

Ged nach caill dotairean nan Eilean Siar airgead ri linn a' chùmhnant, chan fhaigh iad dad a bharrachd às.

Ceist

Tha dragh ann gum faodadh sin bacadh a chuir air dotairean ùra, gu h-àraid dotairean òga, bho bhith a' tighinn dha na h-Eileanan.

"Dotairean, 's e cùmhnantairean a th' annta agus ma tha ionad anns na h-Eileanan an-dràsta is gun deadh e bàn is gum biodh sinn a' coimhead airson dhotairean ùra, tha beagan eagal ann an dùil a bheil an t-airgead a tha mu choinneamh nan ionadan sin, a bheil sin gu leòr 'son daoine a tharraing a-steach, dòtairean ùra a thaladh a-steach?", thuirt Cathraiche IJB nan Eilean Siar, Coinneach Iain MacLeòid.

"Feumaidh an Riaghaltas, an IJB is am Bòrd-Slàinte a bhith a' coimhead ris a h-uile dòigh airson daoine a tharraing a-steach ma thig sinn chun na h-ìre sin", thuirt e.

Thuirt Mgr MacLeòid cuideachd gu bheil tòrr dhaoine airson a bhith ag obair anns na h-Eileanan an Iar, is gu bheil rudan eile anns na h-Eileanan a bharrachd air obair fhèin tarraingeach dhaibh.

Thuirt Comann Meidigeach Bhreatainn gum bi an cùmhnant ùr gu buannachd a h-uile ceàrnaidh.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh nach tig lùghdachadh air an t-suim airgid a tha ionadadan dotair an Alba a' faighinn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile