Gainnead luchd-measaidh

Coimisean na Croitearachd

Tha nas lugha dhaoine na dh'iarradh Coimisean na Croitearachd air thighinn air adhart airson a bhith nan luchd-measaidh.

'S e obair saor-thoileach a th' ann, agus bidh daoine a' cur an ainmean air adhart air a son.

Dh'innis an Coimisean gu bheil 23 duine aca an-dràsta, ach thuirt fear de na Coimiseanairean, Iain MacÌomhair, gur dòcha gum bi cuid de bhailtean croitearachd gann de luchd-measaidh.

"Gu mì-fhortannach, thàinig na bu lugha air ais na bha sinn an dùil, agus 's dòcha a' miannachadh.

"Agus tha againn ri choimhead - agus tha aca fhèin ri choimhead - dè mar a ghabhas seo a-nise a bhith air a riaghladh a-mach.

"23 a-mach à sgìre mhòr chroitearachd, chan eil mòran an sin, agus 's dòcha cuideachd gu bheil àiteachan ann a tha gu math gann.

"Bidh sinn a' coimhead ri sin anns na mìosan a tha romhainn.

"Ach aig an ìre seo, gus am bi iad fhèin nas cofhurtail anns an dreuchd, 's na h-uallachaidhean a bhios orra, chan urrainn dhuinn a ràdh cò a bhios an urra ri càite aig an ìre seo," thuirt e.