Iomairt an Nancy Glen gus tòiseachadh

Nancy Glen TT100 Image copyright Iain Camshron
Image caption An Nancy Glen ann an 2011.

Tha obair-ullachaidh 'son am bàt'-iasgaich, an Nancy Glen, a thogail bho ghrunnd Loch Fìn cha mhòr deiseil.

Chaidh an Nancy Glen fodha san loch air an 18mh là den Fhaoilleach.

Chaidh cobhair a dhèanamh air Iain Miller, 34, ach cha d' fhuaireadh a-riamh Przemek Krawczyk, 38, is Donnchadh MacDhùghaill, 46.

Thathas a' creidsinn gun robh an dithis air bòrd nuair a chaidh am bàta fodha.

Aimsir

Dh'iarr Riaghaltas na h-Alba air luchd-sàbhalaidh am bàta a thogail bho ghrunnd na mara feuch cuirp nam fear a lorg.

Tha obair gus spruilleach is eile a bha timcheall an Nancy Glen a ghluasad a-nise gus a bhith deiseil.

Tha an luchd-sàbhalaidh ag ràdh gun tòisich iad air am bàta a thogail cho luath 's a bhios an aimsir freagarrach.

Thuirt Coinneach Mac an Aba bho Chomann Iasgairean Chluaidh gur e dùbhlan a bhios ann is am bàta 137m fo uachdar an locha.

Thuirt e gu bheil an luchd-sàbhalaidh dòchasach gun tèid aca air a dhèanamh, ach gum bi feum air grunn làithean ciùin còmhla.