Seann chomhairliche fo chasaid

Cùirt an t-Siorraidh ann an Steònabhagh Image copyright Google

Chaidh seachd casaidean de mhì-ghiùlain feise a chur às leth seann chomhairliche à Leòdhas.

Chaidh Dòmhnall Iain MacRath, 46, a Siabost bho Dheas, às àicheadh nan casaidean aig Cùirt an t-Siorraim ann an Steòrnabhagh Dihaoine.

Nochdaidh e sa chùirt anns an Ògmhios.

Am measg nan casaidean, tha ionnsaigh feise an aghaidh bhoireannaich aig Tùrsachan Chalanais san Dùbhlachd 2010.

Chaidh cead-obrach mar dhràibhear tacsaidh a thoirt air falbh bho Mhgr MacRath ri linn nan casaidean.