SEPA a' tarraing ghearainnean

Machaire a' Chùil Image copyright Julian Paren/Geograph

Tha buidheann dìon na h-Àrainneachd, SEPA, air na gearainean a bh' aca mu phlana 'son leasachaidh ghoilf ann an Cataibh a tharraing.

Bha SEPA am measg ghrunn bhuidhnean le draghan mun bhuaidh aig an leasachadh aig a' Chùil, faisg air Eurabol, air an àrainneachd.

'S iad dithis Aimeireaganach, Mike Keiser is Todd Warnock, a th' air cùlaibh nam planaichean.

Bhiodh raon-goilf àrd-ìre ann le 18 tuill, is àite deasachaidh is taigh-chluba.

Tha buidhnean glèiteachais am measg na tha air draghan a thogail ge-tà, is iad ag ràdh gun dèanadh an leasachadh cron air talamh machrach phrìseil.

Thuirt SEPA gun robh iad air sin a dhèanamh às dèidh barrachd fhiosrachaidh fhaighinn bhon luchd-leasachaidh.

Thuirt Todd Warnock gu bheil e air a dhòigh, is gu bheil dùil aca ri litir bho Dhualchas Nàdair na h-Alba mun phròiseact an ceartuair.

Tha an luchd-leasachaidh ag ràdh gun cruthaich iad còrr is 200 cosnadh, is gu bheil taic làidir ann dhaibh sa choimhearsnachd.