Bealach na Bà dùinte sia seachdainnean

Bealach na Bà Image copyright Getty Images

Chaidh fhàgail air Ministreachd an Dìon nach eil iad a' toirt feart sam bith air beachdan dhaoine air a' Chomraich mun phlana aca am prìomh rathad dhan sgìre a dhùnadh fad ùine mhòir.

Tha an MOD a' leasachadh seirbheisean bann-leathainn aig ionad aca san sgìre, agus bithear a' dùnadh rathad Bhealach na Bà eadar Diluain agus Dihaoine airson sia seachdainean airson an obair a dhèanamh.

"'S e rud gu math duilich a th' ann dha muinntir na coimhearsnachd, agus chan ann dìreach dhuinne ach dhan fheadhainn a bhios a' tighinn a-steach," thuirt Gòrdan Camshron, a tha a' fuireach san sgìre.

"Luchd-turais, ach daoine eile a bhios a' tighinn a-steach le bhanaichean a h-uile seachdain. Rudan dhan bhùth, 's rudan dha na taighean-òsta.

Deuchainnean Sgoile

"Bidh sin a' dèanamh diofair dhaibhsan cuideachd," thuirt e.

Tha rathad eile a-steach dhan Chomraich, taobh Shìldeig, ach tha astar còrr is 30 mìle an taobh sin, an taca ri Bealach na Bà.

"Tha e fada nas fhaide, agus tha e uabhasach lùbach. Chan e rathad uabhasach furasta a th' ann idir," thuirt Mgr Camshron.

"Tha sinn cleachdte ri Rathad a' Bhealaich a bhith dùinte sa Gheamhradh airson beagan làithean an siud 's an seo, ach leis gu bheil iad gu bhith ga dhùnadh airson cho fada ri sia seachdainnean co-dhiù, tha siud gu bhith a' dèanamh diofair nach beag, agus tha daoine an eisimeil Rathad a' Bhealaich," thuirt e.

Ged a tha daoine sa choimhearsnachd a' gabhail ris gum feum an obair tachairt, tha iad den bheachd nach eil an MOD air èisteachd cheart a thoirt dhaibh, agus an obair a' tòiseachadh aig fìor thoiseach seusan na turasachd - gnìomhachas air a bheil eaconamaidh an àite gu mòr a' crochadh.

"Tha mi a' faireachdainn nach deach feart idir a thoirt do dh'fheumalachdan na coimhearsnachd a chùm maith an MOD agus QinetiQ," thuirt Oifigear Leasachaidh na Comraich, Alison NicLeòid.

"Cha deach aca idir air a' bhuaidh a bheir seo air na gnothachasan againn an seo - a tha cha mhòr gu tur an eisimeil turasachd - a thuigsinn.

"Tha a' chuid as motha de chosnadh an seo an eisimeil turasachd.

"Saoilidh mi gu bheil iad den bheachd nach eil annainn ach àite beag iomallach far nach tachair mòran, 's gum faod iad an rathad a dhùnadh gun bhuaidh.

"Ach tha na gnothachasan againne a' feumachdainn a bhith ag obair gu math trang fad seusan na turasachd a dhèanamh cinnteach gum mair iad tron bhliadhna.

"Bheir a bhith a' toirt sia seachdainnean air falbh bhon ùine sam bi iad a' cosnadh sa bhitheantas dùbhlan mòr dhaibh," thuirt i.

Tha dragh air pàrantan na sgìre cuideachd mun chloinn aca a bhios a' gabhail Rathad a' Bhealaich a h-uile là gu Àrd-Sgoil a' Phluic - gu h-àraid agus na deuchainnean air fàire.

Seusan nas Fhaide

"Tha feum againn a bhith a' siubhal a-null 's a-nall fad na tìde, agus tha a' chlann againn ann an Àrd-Sgoil a' Phluic," thuirt Derek MacIllInnein, a tha a' fuireach air a' Chomraich.

"Tha deuchainnean aca aig an àm sin, agus agus fòrladh sgrùdaidh, agus bidh feum aca a bhith a' siubhal agus chan eil e math dhuinn idir.

"Tha nighean againn a' dèanamh nan Còig Nàiseanta, agus nighean eile a tha a' dèanamh nan deuchainnean Àrd-Ìre aice aig an àm sin," thuirt e.

Thèid coinneamh a chumail feasgar Diardaoin aig am bi riochdairean bhon choimhearsnachd, on MOD agus SSE, agus le BP na sgìre Iain Blackford.

Ach le dìreach cola-deug ri dhol gus an tòisich an obair, tha daoine a' faireachdainn gun robh còir aig leithid de choinneimh a bhith ann o chionn fhada.

"Le rud cho cudromach ri prìomh rathad na sgìre gu bhith dùinte cho fada tha mi a' smaoineachadh gun robh còir aig muinntir na Comraich - agus na bailtean 's na coimhearsnachdan timcheall air siud cuideachd - bha còir aca argamaid a dhèanamh airson cùisean a phutadh air ais 's dòcha, no airson an obair a chumail agus a dhèanamh aig amannan diofraichte," thuirt Gòrdan Camshron.

"Chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil na daoine a bha an sàs anns a' cho-dhùnadh seo a dhèanamh, chan eil iad buileach a' tuigsinn gu bheil seusan na turasachd fada nas fhaide a-niste na bha.

"Tha iad a' cumail a-mach gu bheil e gu bhith caran sàmhach anns a' Ghiblean no sa Chèitean, ach chan ann mar sin a tha cùisean idir," thuirt e.

Thuirt an MOD gu bheil iad an-còmhnaidh a' toirt feart air buaidh air a' choimhearnachd nan obair is a' bruidhinn riutha gu dlùth.

Thuirt iad cuideachd gu bheil iad air £20,000 a thoirt dhan choimhearsnachd air a' Chomraich ri linn na h-obrach seo, is gun tig piseach air a' bhann-leathann san sgìre mar phàirt den phròiseact.