Casg air bradan Albannach

Bradan smocte

Cuiridh na Stàitean Aonaichte casg air bradan bho thuathanasan èisg an Alba far an spadar ròin, a dh'aindeoin oidhirp Riaghaltas na h-Alba an casg a sheachnadh.

Thàinig puist-dealain am bàrr a tha a' sealltainn gun do dh'fheuch oifigich Albannach ri tuathanasan-èisg Albannach a chumail saor on chasg.

Tha cead aig tuathanasan-èisg ròin a mharbhadh gus stad a chur orra bho a bhith a' toirt ionnsaigh air agus a bhith ag ithe bhradan ann an cèidsichean.

'S e na Stàitean Aonaichte an dùthaich as motha a tha a' ceannach a-steach de dh'iasg agus maorach, 's iad a' ceannach luach $20bn dheth a h-uile bliadhna.

Am measg sin tha luach £193m de bhradan Albannach, stèidhichte air figearan na bliadhna an-uiridh.

Fhuair a' bhuidheann iomairt Salmon Watch Scotland na puist-dealain fo laghan Saorsa an Fhiosrachaidh.

Anns na puist-d, tha oifigich bho Bhuidhinn Mara na h-Alba (Marine Scotland) ag ràdh nach eil na riaghailtean an Alba a' ceadachadh "marbhadh gun rian" de ròin.

Ach tha Rianachd Nàiseanta a' Chuain 's an Àile sna Stàitean Aonaichte air Alba a chur air an liosta de dhùthchannan air a bheil an casg a' toirt buaidh.

Tha dùil gun toir seo buaidh air mu 150 tuathanas-èisg ann an Alba.