Luchd-obrach Àranais gam pàigheadh dheth

Gàradh Àranais

Chaidh a h-uile duine a bha ag obair aig gàradh-togail Àranais ann an Leòdhas a phàigheadh dheth, ach a-mhàin sgioba bheag a bhios a' dèanamh obair cùraim is càraidh.

Tha obair fhathast a' dol aig a' chompanaidh BiFab, a bha a' ruith a' ghàraidh, ann am Fìobha, ach tha dùil gum bi sin deiseil aig deireadh na h-ath-mhìos.

Chan eil cinnt ann cò às a thig an ath-chùmhnant, no an tèd BiFab fhèin a cheannach.

Tha cùmhnant HIE, a thug an gàradh air màl do BhiFab, a' sònrachadh gum feum an sgioba bheag cumail orra airson obair cùraim is càraidh a dhèanamh.

Tha tairgse aca a-staigh airson tuath-gaoithe Kincardine a-mach bho Obair-dheathain, far an tèid seachd crainn-ghaoithe a thogail a bhios air bhog sa mhuir.

Bidh bunaitean stàlainn, a bhios a' cumail air bhog fo uachdar na mara, agus air an ceangal ris a' ghrunnd, air an dàrna leth agus bunaitean concrait air a' chòrr.

Tha dòchas aig Gàradh Chiseòirn obair togail nam bunaitean concrait fhaighinn, agus ged a tha BiFab dòchasach gum faigh iadsan an fheadhainn stàlainn, chan eil sin cinnteach, no gun tigeadh an obair a dh'Àranais idir.

Tha ceist ann cuideachd am bi BiFab fhèin buan, agus ged a bha a' chompanaidh DF Barnes à Canada a' coimhead ris a' chompanaidh, chan eil guth fhathast a bheil iad a' dol a cheannach BiFab.

Tha Comhairle nan Eilean Siar air a bhith a' moladh Gàradh Àranais a chur fo stiùir companaidh ùir, ach chan eil càil air gluasad a thaobh sin fhathast.