Croitearan ag iarraidh rannsachaidh phoblaich

Col Uarach Image copyright Donald Lawson/Geograph

Tha comataidh ionaltraidh Chuil Uaraich ann an Leòdhas air sgrìobhadh gu Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, ag iarraidh gun tèid rannsachadh poblach a stèidheachadh mun cho-dhùnadh aig Coimisean na Croitearachd an cur às oifis ann an 2016.

Fhuair na croitearan fiosrachadh às ùr tro Achd Saorsa an Fhiosrachaidh a tha ag innse, nam beachd-san, nach robh an co-dhùnadh idir cothromach.

Ged a tha dà bhliadhna bho chaidh an cur a-mach às oifis agus coimisean ùr ann chan eil na croitearan ann an Col Uarach riaraichte gu bheil a' chùis acasan air a rèiteachadh.

Tha iad air puist-d fhaighinn a tha iad ag ràdh a tha a' sealltainn nach deach coinneamh a chumail airson an co-dhùnadh a dhèanamh, agus nach deach na cunntasan aca air beulaibh eòlaichean cunntasachd mus deach measadh a dhèanamh orra.

A-nis tha iad ag iarraidh air Fearghas Ewing rannsachadh poblach a ghairm airson na thachair a dhearbhadh.

Thuirt neach-labhairt airson Mgr Ewing gu bheil e air iarrtas fhaighinn, agus gu bheil e a' meòrachadh air freagairt.

Thuirt Coimisean na Croitearachd gu bheil iad mar thà air aideachadh nach b' e co-dhùnadh cuideachail a bh' ann airson na coimhearsnachd, agus gu bheil a' chùis a-nise dùinte.