Càr air tuiteam 100 troigh gu loch

Seacaid phoilis

Tha rannsachadh a' leantainn às dèidh tubaiste anns an deach càr ann an loch air a' Ghàidhealtachd.

Thachair e air aig Àird Easaidh, air an A832 eadar eadar Dùn Dòmhnaill agus an Allt Beithe, mu 3:45f Diluain.

Tha dùil gun do thuit an càr mu 100 troigh, a-steach a Loch Bhraoin Bheag.

Tha na poilis fhathast gun dearbhadh an deach duine a ghoirteachadh san tubaist.

Tha saor-thoilich nam Maor-Cladaich à Geàrrloch agus Ulapul a' cuideachadh leis an rannsachadh.

Tha an rathad dùinte fhad 's a leanas an iomairt.