Noro-bhìoras ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir

Tha uàrd 2C ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir dùinte do dh'euslaintich ùra 's an tinneas dìobhairt noro-bhìoras air sgapadh ann.

Thathas cuideachd ag iarraidh air luchd-tadhail fuireach air falbh fhad 's a tha luchd-obrach a' dèiligeadh ri grunn chùisean den ghalar.

Tha cuideachd dà chùis dheth dearbhte ann an uàrdan eile.

Tha sgioba ghalairean an ospadail a' cumail sùil air an t-suidheachadh leis gu bheil noro-bhìoras gu math gabhaltach.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile