Luaidh air dithis a bhàsaich ann an tubaist Loch Bhraoin

Làrach na tubaiste Image copyright PETER JOLLY NORTHPIX
Image caption Thachair an tubaist feasgar Diluain.

Chaidh luaidh a dhèanamh air an dithis a chaill am beatha ann an tubaist air taobh siar Rois feasgar Diluain.

Chaidh Rose Bassett agus Ross MacCriomain a mharbhadh nuair a thuit an càr aca ceud troigh far an rathaid.

Cha robh ach an aon chàr an lùib na tubaiste.

Bha Rose Bassett ag obair ann an Gàrraidhean Inbhir Iùbh - far an robh Ross MacCriomain cuideachd ag obair gu saor-thoileach.

Thuirt Carol-Ann Boyter bho Urras Nàiseanta na h-Alba gun robh an dithis air cur gu mòr ris na gàrraidhean thar nam bliadhnaichean.

Tuilleadh air an sgeulachd seo