Seallaidh RBS ris a' phoileasaidh aca air Sgeama Taic nan Taighean Croite

Taighean-croite Image copyright Gordon Hatton/Geograph

Bheir Banca Rìoghail na h-Alba sùil air a' phoileasaidh aca air Sgeama Taic nan Taighean Croite.

Tha RBS air a bhith a' diùltadh mhorgaidsean a thoirt seachad, is dragh orra nan èiricheadh duilgheadas gur e Riaghaltas na h-Alba a gheibheadh an taigh leis gun tug iadsan iasad agus granta seachad.

Ach tha am BPA Gàidhealach Ceit Fhoirbheis air sgrìobhadh gu RBS mun chùis.

Bha i ag ràdh gun do dh'innis Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, dhi nach robh beachd RBS fìor, 's gum bu chòir dhan bhanca morgaidsean a thoirt do chroitearan a tha a' cleachdadh na sgeama.

Thuirt Ceit Fhoirbeis: "Tha mi gu math dòchasach gu bheil iad a' dol a dh'atharrachadh a' phoileasaidh aca."

"Tha feum mòr aig croitearan air morgaidsean mar sin, agus mura bi na bancaichean a' toirt mhorgaidsean seachad, cha tèid taighean a thogail air Ghàidhealtachd."