Rathad Chnòideirt gus fosgladh

Rathad briste an Cnòideart Image copyright Highland Council
Image caption Tha an rathad air a bhith dùinte bhon Dàmhair.

Tha dùil gum fosgail an rathad as iomallaiche air Tìr-Mòr Bhreatainn às ùr an t-seachdain seo.

Tha còig mìosan ann bho dhùin maoim-slèibhe rathad eadar Eàrar agus Inbhir Aoidh ann an Cnòideart.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd an dòchas gum fosgail e às ùr Diardaoin ach le solais a' stiùireadh na trafaig.

'S e an aon rathad a th' ann an Cnòideart agus chan eil ceangal rathaid aig Cnòideart ris a' chòrr de Thìr-Mòr.