Moladh air sgeama rodain nan Eileanan Mòra

Na h-Eileanan Mòra Image copyright Jim Richardson
Image caption Bhiodh na rodain ag ithe uighean nan eun

Tha sgeama a chuir às do rodain anns na h-Eileanan Mòra ga chur air adhart airson duais àrainneachd eadar-nàiseanta.

Bha an RSPB, Dùalchas Nàdair na h-Alba, an teaghlach MhicNeacail leis a bheil na h-eileanan agus luchd saor-thoileach uile an sàs anns an sgeama airson cur às dhan na beathaichean nach eil dùthchasach dhan àite.

Bha na rodain gan coireachadh airson mar a thàinig lùghdachadh air na bha de dh'eòin-mhara a' neadachadh anns na h-eileanan.

Tha na h-Eileanan Mòra a-nis gu h-oifigeil saor bho rodain.

Duais

Tha sgeama nan Eileanan Mòra am-measg seachd pròiseactan a fhuair troimhe chun na cuairt deireannaich anns an roinn ghlèidhteachais de Dhuaisean Natura 2018 a' Choimisein Eòrpaich.

Thig fios anns a' Chèitean cò aca a shoirbhich.