Casg air luchd-tadhail aig Ospadal an Ràthaig Mhòir

Tha luchd-tadhail air an casg rè-ùine bho Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis air sgàth 's mar a tha noro-bhìoras air sgapadh ann.

Chaidh uàrd 2C anns an ospadal a dhùnadh Diciadain às dèidh mar a thàinig e am follais gun robh ceathrar euslainteach a' fulang le Norovirus.

Chaidh uàrd 6C a dhùnadh an uair sin agus an galar air nochdadh air euslaintich an sin.

Thuirt an Dr Vanda Plecko aig NHS na Gàidhealtachd gu bheil luchd-obrach ag obair gu cruaidh feuch smachd fhaighinn air a' ghalar agus gu bheil iad a' sireadh cuideachaidh bhon phoball gus sin a dhèanamh.

Thathas ag iarraidh air daoine gun a bhith a' tadhal air euslaintich anns an ospadal mur a h-eil iad air planaichean a chur air dòigh ro làimhe agus fios a chur chun uàrd an toiseach.

Bheir iad sùil a-rithist air an t-suidheachadh aig deireadh na seachdain.