Seirbheis Meals on Wheels a' tighinn gu ceann

Stadaidh seirbheis Meals on Wheels ann an grunn sgìrean de dh' Alba.

Fad na deichean bhliadhnaichean, tha an t-seirbheis air a bhith a' toirt biadh teth gu daoine aosda agus ciorramach anns na dachaighean aca fhèin.

'S ann fo Sheirbheis Saor-thoileach Rìoghail na dùthcha a bhathar a' ruith na sgeama ach tha an t-seirbheis, mar a tha i an-dràsta, a' sguir uile gu lèir.

Thòisich Meals on Wheels anns na 1940an agus thar nam bliadhnaichean, tha na mìlltean dhaoine air a bhith gu mòr a'crochadh air an t-seirbheis.

Ach le mar a tha goireasan eile air tighinn am follais anns na bliadhnaichean mu dheireadh, tha an t-seirbheis air a dhol bhuaithe.

Tha RVS air roghnachadh nach eil na goireasan aca airson cùisean a chumail a' dol aig ìre a tha sàbhailte agus seasmhach.

An t-seachdain sa, chaidh am biadh mu dheireadh a thoirt seachad ann am Moireabh, Earra Ghàidheal agus ann an Dun Bhreatainn.

Stadaidh an t-seirbheis air feadh Alba air fad ro dheireadh na bliadhna.