Adhartas dhan Bhaile Ùr

An t-Eilean Image copyright Walter Baxter / Geograph

Tha Baile Ùr an t-Slèibh, a tha a' dìon na farpais, am measg nan sgiobaidhean a rinn adhartas ann an Cupa MhicThàmhais.

Chuir Evan Menzies is Eòghan Friseal ri chèile dà thadhal is am Baile Ùr a' toirt droinneadh 7-0 air Cill Mhàillidh.

Rinn Cabair Fèidh fiù 's nas fheàrr le pronnadh 8-0 air Srath Ghlais is Caoimhin Bartlett le 6 dhiubh.

Chaidh Ceann Loch Seile air adhart 5-0 an aghaidh Inbhir Nis.

Bha e teann sa Mhanachainn ge-tà, Loch Abar a' teicheadh le buaidh 2-1 air a' cheann thall.

Thèid an taghadh 'son na h-ath chuairt a dhèanamh ann an Cill Taraglain Disathairne seo tighinn às dèidh a' gheama eadar Lòbhat is Ceann a' Ghiuthsaich,

Aig deas bha aon gheama sa Chupa Cheilteach is Eilean Bhòid a' soirbheachadh 1-0 an aghaidh Celtic an Òbain.

Lìog

Shreap Caol Bhòid dhan dàrna àite sa Phrìomh Lìog às dèidh dhaibh buannachadh 2-0 an Druim na Drochaid an aghaidh Ghleann Urchadain, an 2 thadhal a' tighinn bho Thòmas Whyte.

Anns a' gheama eile sa Phrìomh Lìog, ghlèidh Camanachd an Òbain puing an aghaidh Lòbhait le tadhal anmoch bho Anndra MacCuthais is an geama a' crìochnachadh 2-2.

Bha là sònraichte aig na Leòdhasaich ann an Lìog Tuath 2.

Chaidh iad air thoiseach ann an Canaich às dèidh leth uair le tadhal bho Phòl Duke, is Peadar Gomez an uairsin ga dhèanamh 2-0 ro lethach slighe is Srath Ghlais ann an staing.

Chuir Dòmhnall MacLaomainn na Leòdhasaich 3-0 air thoiseach às dèidh uair a thìde is chuir Duke gleans a bharrachd air an fheasgar leis a' cheathramh tadhal.

4-0 dha Camanachd Leòdhais air a' cheann thall - a' chiadh bhuaidh aig na h-eileanaich air Tìr-Mòr bho 2015 agus a' bhuaidh lìge as motha a bh' aca a-riamh.

Bidh na Leòdhasaich air am misneachadh gu mòr 'son nam mìosan ri tighinn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile