Mì-thoileachas mu aiseagan Uibhist
- Air fhoillseachadh

Tha ball-pàrlamaid Albannach nan Eilean Siar, Alasdair Allan, air a bhith a' bruidhinn ri Caledonian Mac a' Bhriuthain agus ri Ministear na Còmhdhail thairis air an deireadh sheachdain mu sheirbheisean aiseig Uibhist.
Ghluais CalMac an Hebrides gu slìghe eile ron deireadh sheachdain, agus bàta eile gun tilleadh à obair càraidh mar a bha dùil.
Dh' fhàg sin an Hebridean Isles a' frithealadh Uige, Loch nam Madadh agus an Tairbeart.
Thuirt Mgr Allan gun robh e follaiseach nach robh rùm gu leòr air a' bhàta sin aig àm cho trang dhen bhliadhna.
Dh' iarr e air CalMac barrachd a dhèanamh airson dèanamh cinnteach gum biodh seirbheis na b' fheàrr ann do mhuinntir nan Eilean.